Fàilte!

Ciamar, nur beachd-se, a bu chòir do rannsachadh air slàinte-inntinn agus sunnd ann an sgìrean dùthchail a bhith air a dhèanamh? Dè bu chòir a bhith na phrìomhachas? Ciamar a bu chòir do choimhearsnachdan a bhith an sàs anns a’ phròiseas seo? Ciamar a dh’fhaodadh e bhith cothromach, buadhmhor agus buntainneach?

Chaidh an t-suiribhidh seo a chruthachadh ann an co-bhann le buidhinn de bhuill dhiofar choimhearsnachdan aig a bheil eòlas-beatha farsaing, a’ gabhail a-steach dà chuid feadhainn nach robh riamh an sàs ann an rannsachadh dhen t-seòrsa seo agus cuideachd feadhainn a tha nan luchd-obrach agus nan luchd-rannsachaidh acadaimigeach aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh an seo mun bhuidhinn-obrach agus mu mar a dh’obraich a h-uile duine còmhla ri chèile gus an t-suirbhidh seo a chruthachadh.

Tha e air a stiùireadh le Community Knowledge Matters, lìonradh a chuireas a’ choimhearsnachd fhèin aig stiùir phròiseactan rannsachaidh air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha an lìonradh seo air a mhaoineachadh leis an Ideas Fund agus air fhrithealadh le Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Anns an t-suirbhidh seo, cha tèid ach ceistean farsaing a chur oirbh mur beachdan air rannsachadh air slàinte-inntinn agus sunnd ann an sgìrean dùthchail  agus cuideachd air na bhios, nur beachd-se, a’ toirt buaidh air slàinte-inntinn agus sunnd nan daoine anns na sgìrean seo.

Cha tèid ceistean a chur oirbh mur slàinte-inntinn no sunnd fhèin agus dh’iarramaid oirbh gun a bhith a’ cur ann fiosrachadh pearsanta anns an gabhadh ur n-aithneachadh no fiosrachadh sam bith a b’ fheàrr leibh a chumail dìomhair.

Tha sinn gu mòr airson seo a dhèanamh cho ruigsinneach ’s a ghabhas. Nam biodh e na chuideachadh dhuibh am fiosrachadh seo fhaighinn ann an cànan no cruth eile, a’ gabhail a-steach ceistean na Suirbhidh fhèin, cuiribh brath thugainn tron cheangal seo.

Mun t-suirbhidh seo

Tha sinn gu làidir dhen bheachd gun urrainn do dhuine sam bith rannsachadh a dhèanamh, agus nach ruig e a leas a bhith air a dhèanamh le oilthighean agus acadaimigich a-mhàin.

Gheibh sibh a-mach tron cheangal seo mu na tha sinn a’ ciallachadh le ‘rannsachadh’, agus mun dòchas a th’ againn gur dòcha gun toir an t-suirbhidh seo atharrachadh air mar a bhios gnothaichean anns an àm ri teachd.

Chuir sinn romhainn suirbhidh a thoirt ri chèile gus faighinn a-mach ciamar a bu mhath leibhse a dhol an sàs ann an rannsachadh air slàinte-inntinn ann an sgìrean dùthchail anns an àm ri teachd, gus am bi e cothromach, buadhmhor agus a’ freagairt air na prìomhachasan agaibh fhèin.

Tha sinn gu làidir den bheachd gu bheil e deatamach gum bi na coimhearsnachdan fhèin an sàs anns gach ìre den rannsachadh gus am bi an rannsachadh gu feum dhaibh agus gus an dèan an e diofar aig a’ cheann thall. Tha seo a’ gabhail a-steach a bhith a’ taghadh cheistean-rannsachaidh agus prìomh chuspairean an rannsachaidh; a’ dealbhadh a’ phròiseict-rannsachaidh fhèin; a’ dèanamh an rannsachaidh; a’ sgrùdadh nan toraidhean agus gan cleachdadh gus atharrachadh maireannach a thoirt air gnothaichean.

Mar eisimpleir, anns an t-suirbhidh seo, chan ann a-mhàin gun deach na ceistean seo a thaghadh ann an co-bhann le buill nan coimhearsnachdan, ach ’s ann a thèid an sgrùdadh cuideachd le buill nan coimhearsnachdan cuide ris an luchd-rannsachaidh acadaimigeach, gus dèanamh cinnteach gun tèid co-dhùnaidhean a dhèanamh a ghabhas a thuigsinn agus a bhios a’ freagairt air coimhearsnachdan dùthchail.

An uair sin, bheir an sgioba rannsachaidh co-obrachail pàipear ri chèile agus thèid na toraidhean (gun ainm) a sgaoileadh air làrach-lìn Community Knowledge Matters. Tha seo a’ ciallachadh gun gabh na co-dhùnaidhean bho fhreagairtean na suirbhidh a sgaoileadh le proifeiseantaich a tha an sàs ann am poileasaidh, maoineachadh, rannsachadh agus cùram slàinte ’s sòisealta, a bhiodh airson obair a dhèanamh le coimhearsnachdan dùthchail anns an àm ri teachd. Mar thoradh air seo, bhiomaid an dòchas gun toirte barrachd for dha ur beachdan ’s dha mar a b’ fheàrr leibh a dhol an sàs ann an rannsachadh den t-seòrsa seo.

‘S e ar n-amas a th’ ann a dhol an aghaidh an t-sruth ’s cruth diofraichte a chur air rannsachadh air slàinte-inntinn agus sunnd, gus am bi e nas fhosgailte agus nas fhasa a dhol an sàs ann dhaibhsan air an toir a’ bhuaidh as motha.

Mar sin, cò tha sinn a’ sireadh?

Bu mhath leinn cluinntinn bho dhaoine aois 16 no nas sine a tha an-dràsta a’ fuireach ann an sgìre dhùthchail ann an Alba, no a tha air fuireach ann taobh a-staigh nan 12 mìosan a dh’fhalbh, co-dhiù rugadh sibh ann no nach do rugadh. Tha seo a’ gabhail a-steach, an dà chuid, dhaoine a tha a’ fuireach air tìr mòr na h-Alba agus anns na h-eilean.

Ma tha sibh a’ fuireach ann an gin de na sgìrean a tha air a’ mhapa seo a tha air an comharrachadh ann an orains, gorm, dearg no purpaidh – a tha a’ riochdachadh sgìrean dùthchail no bailtean beaga air tìr-mòr agus eileanan na h-Alba – bhiomaid ro-thoilichte ur beachdan a chluinntinn tron t-suirbhidh seo.

Brùth an seo airson faighinn a-mach gu dè dìreach a tha sinn a’ cialladhach le ‘dùthchail’ agus carson a tha sinn airson beachdan nan daoine seo a chluinntinn ’s iad a’ fuireach ann an sgìre dhùthchail.

Airson na suirbhidh seo, tha sinn ag iarraidh orrasan a tha a’ fuireach anns na sgìrean a tha air an comharrachadh ann an dubh gun a bhith a’ lìonadh na suirbhidh, seach gu bheil iad seo a’ riochdachadh cuid dhe na bailtean as motha ann an Alba, leithid Dùn Èideann, Glaschu, Peairt, Àir, Grianaig agus Dùn Phrìs.

Ma tha sibh airson ur beachdan a thoirt seachad, ach mura h-eil sibh a’ fuireach ann an tè dhe na sgìrean dùthchail tuilleadh a tha air a comharrachadh air a’ mhapa, air neo ma tha sibh a’ fuireach ann an sgìre a tha air a comharrachadh dubh air a’ mhapa ach a tha sibh fhèin a’ meas ‘dùthchail’, chuirimid fàilte air ur beachdan fhathast – cuiribh brath thugainn tron cheangal seo agus bhiomaid air leth toilichte faighinn a-mach mar a b’ urrainn dhuibh a dhol an sàs anns a’ phròiseact ann an diofar dhòighean.

Chuirimid fàilte air duine sam bith an t-suirbhidh seo a lìonadh ge brith dè an cinnidheachd, an cinneadh an cultar, an aois, an comas, an gnè no an aidmheil ghnèitheasach, agus tha ùidh againn gu h-àraidh a bhith a’ cluinntinn bhuapasan a dh’fhaoidte nach robh riamh an sàs ann an rannsachadh den t-seòrsa seo roimhid air adhbhar sam bith.

Co-dhiù tha sibh air fuireach ann an sgìre dhùthchail de dh’Alba fad mìos, bliadhna no fad ur beatha, bu mhath leinn cluinntinn bhuaibh oir tha ur n-eòlas-beatha agus ur beachdan air cùisean slàinte-inntinn ann an sgìrean dùthchail cudromach agus luachmhor.

Dh’fhaodadh e bhith gu bheil sibh mì-chinnteach a bheil an t-suirbhidh seo a’ freagairt oirbh agus air mar a tha sibh fhèin air slàinte-inntinn fhiosrachadh. Thig cnapan-starra anns an rathad oirnn uile bho àm gu àm le ar slàinte-inntinn agus mar sin dheth chuirimid fàilte air ur beachdan, co-dhiù tha sibh den bheachd gu bheil sibh a’ fulang le tinneas-inntinn no nach eil.

Brùth an seo gus faighinn a-mach gu dè tha sinn a’ ciallachadh le ‘slàinte-inntinn ’s sunnd’.

Mar a lìonas sibh an t-suirbhidh seo

Bidh caochladh dhiofar cheistean ann, a’ gabhail a-steach cheistean ioma-roghainn, teacsa saor agus sgèile-spèilidh. Bheir seo timcheall air 30 mionaidean.

Ma nì sibh an t-suirbhidh, bidh roghainn agaibh ur n-ainm a chur ri crannchar  ’s cothrom agaibh aon de na sia eàrlasan a bhuannachadh, a ghabhas cleachdadh ann am bùithtean ionadail.

Mus bi na freagairtean agaibh gan roinn le daoine eile, thèid cur às dor n-ainm agus do dh’fhiosrachadh pearsanta sam bith. Cha tèid coimhead ri suirbhidh sam bith nach eil air a crìochnachadh, mar sin dheth ma chuireas sibh romhaibh gun a bhith a’ cur crìoch oirre, bidh sinn a’ saoilsinn nach eil sibh airson a bhith mar phàirt de thoraidhean an rannsachaidh tuilleadh.

Gabhaidh an t-suirbhidh sàbhaladh agus tilleadh thuice, air neo a dhol air ais agus freagairtean a thug sibh seachad mar-thà atharrachadh.

Dè an ath-cheum?

Às dèidh don t-suirbhidh dùnadh, bidh cothroman eile ann a dhol an sàs anns an rannasachadh seo.

Gus am fios às ùr fhaighinn mun phròiseact rannsachaidh, aithisg mu na toraidhean fhaighinn, fios fhaighinn mu chothroman a bhios ann anns an àm ri teachd air neo gus bruidhinn barrachd ris an sgioba mur freagairtean, faodaidh sibh ur n-ainm a chur air liosta-puist sònraichte na suirbhidh seo, air neo air liosta-puist lìonradh Community Knowledge Matters. Nam bu mhiann leibh ur n-ainm a chur dhan chrannchar gus aon de na sia eàrlasan a bhuannachadh, a ghabhas cleachdadh ann am bùithtean ionadail, feuch nach dìochuimhnich sibh ur seòladh puist-d a chur ann aig deireadh na suirbhidh. Cha ruig sibh a leas ur n-ainm a chur air gin de na liostaichean-puist airson a bhith anns a’ chrannchar, agus thèid puist-d a chumail fa-leth agus sàbhailte.

Thèid freagairtean a thugadh seachad anns an t-suirbhidh seo a roinn mar open source data ach am bi e na thaic ann a bhith a’ stiùireadh phrìomhachasan rannsachaidh anns an àm ri teachd, agus ann a bhith a’ stiùireadh na taice agus an trèanaidh a gheibhear aig lìonradh Community Knowledge Matters.

Mu dheireadh, le bhith a’ cur ris an t-suirbhidh seo, tha sinn an dòchas gun tèid agaibh air sealltainn do na ginealaichean a tha ri thighinn gur ann a gheibh iad deagh èisteachd agus gum bi taic ann dhaibh nuair a bhios dùbhlain slàinte-inntinn romhpa, agus gun tèid agaibh air cur ri rannsachadh a choimheadas ri piseach a thoirt air sunnd ’s slàinte-inntinn ann an sgìrean dùthchail.

Taing airson ùidh a nochdadh.